A’ Bhàrdachd Ghàidhlig
Bha Iain Mac a' Ghobhainn an sàs ann an grunn ghnèithean sgrìobhaidh anns an dà chànan - bàrdachd, rosg, dealbh-chluichean, aistidhean,...
Also Available in:
- Amazon
- Audible
- Barnes & Noble
- AbeBooks
- Kobo
More Details
Bha Iain Mac a' Ghobhainn an sàs ann an grunn ghnèithean sgrìobhaidh anns an dà chànan - bàrdachd, rosg, dealbh-chluichean, aistidhean, fèin-eachdraichd is sgeulachdan do chloinn - is thug e a-mach fichead leabhar Gàidhlig. Ach b' ann mar bhàrd a chuireadh eòlas air an toiseach, agus is iongantach mura h-ann mar bhàrd as fheàrr a tha cuimhne air. Agus rinn e mòran de bhàrdachd Ghàidhlig, bho na nochd ann am Bùrn is Aran (1960) gus na dàin a bha san leabhar mu dheireadh, An t-Eilean agus an Cànan (1987). Bha còig leabhraichean ann uile-gu-lèir anns an robh bàrdachd, ach nochd tuilleadh ann an irisean is eile nach deach a chruinneachadh ann an leabhar.
A-nis, tha Moray Watson air na bh' ann air fad a thrusadh gu dìcheallach is air a thoirt cruinn còmhla san leabhar phrìseil seo, ach chan e sin a-mhàin: tha e cuideachd air mòran fiosrachaidh mun bhàrd is mun dòigh-sgrìobhaidh is mun dòigh-smaoineachaidh aige a thoirt dhuinn, eadar an Ro-ràdh aig toiseach an leabhair is na notaichean mionaideach aig an deireadh. Tha cothrom ann a-nis saothair Iain Mhic a' Ghobhainn san raon seo a mhealtainn is a mheas ann an cruth air leth tarraingeach is càilear.
- Format:Paperback
- Pages:391 pages
- Publication:2013
- Publisher:Acair
- Edition:
- Language:gla
- ISBN10:086152313X
- ISBN13:9780861523139
- kindle Asin:086152313X









